'S e na tha leanas mo bheachdan, mo thuras, mar a chaidh mise bho strì gu sìth.
Nuair a thoisich mi ri Gàidhlig dh'ionnsachadh bha mi air bhioran. Bha mi ag ionnsachadh a' chanain agus bha mi ag ionnsachadh mu dheidhinn an cultar agus an eachdraidh. Mu Blàr Chùl Lodar, mu Fuadach nan Gaidheal, mar nach robh cead aig clann Gaidhealach Gàidhlig a bhruidhinn san sgoil agus gach ana-ceartas eile a bha aig na Gaidheal. Bha mi a' faicinn nam inntinn na taighean a' dol na theine, na daoine bochda briste air bòrd na bàtaichean a' siubhal gu àite ùr gun dòchas. Agus bha mi làn fearg. Bha airson strì. Strì an aghaidh nan uachdaranan, strì an aghaidh nan Sasannach, strì an aghaidh gach rud cearr a thachair dhan na Gaidheal a-riamh. Beag air bheag thiondaidh an aire agam gu ealan, gu bàrdachd, gu an "dualchas beartach brèagha beo" gu gach rud prìseil a tha na phàirt den cultar na Gàidhlige. Tha mi a' lorg deagh naidheachd mu dheidhinn Gàidhlig a-nis. Tha mi a' cumail suil a-mach airson buaidhean agus adhartas na Gàidhlige. Chan urrainn dhomh eachdraidh atharrachadh. Chan urrainn dhomh Beurla a stad. Ach 's urrainn dhomh Gàidhlig a theagasg, 's urrainn dhomh sealtainn do dhuine eile cho brèagha 's cho luachmhor 's tha Gàidhlig agus cultar na Gaidheal. Mar sin tha mise a dol sìos an rathad sìth a-nis. Tha cuimhne agam fhathast air na ana-ceartasan, cha dicuimhnich mi iad agus tha mi a' cumail m' aire air na rudan brèagha, prìseil, luachmhor a bhios sinn a' toirt leinn dhan àm ri teachd.
1 Comment
Reese
7/28/2014 01:02:27 pm
Tha seo math fhèin na sgriobh thu. Tapadh leat.
Reply
Leave a Reply. |
Details
AuthorsCaroline has been involved with Gaelic for more than 18 years. She has degrees in Celtic Studies and Gaelic Medium Teaching. Archives
March 2021
Categories
All
|