there may be a few mistakes but boy was it fun.
Ga bith de cho beag ‘s tha fios aig na daoine air faireachdainn a’ ghille nuair a ruigeas e an coimhearsnachd, tha am fios seo cho laidir ann cinn na teaghlaichean ‘s gur ann le nighean air coireigin aca a tha e.
“A Mhaighstir Bennet choir” thuirt a bhean ris aon latha “Nach cuala tu gu bheil Pairce Netherfeild aig duine mu dheireadh thall?”
Thuirt Maighstir Bennet nach chuala.
“O tha e” fhreagairt i “ bha a bhean-phòsda Long direach air a bhith an seo agus dh’innse i dhomh a h-uile rud mu dheidhinn”
Cha d’rinn Maighstir Bennet freagairt sam bith.
“Nach eil thu airson faighinn a-mach cò leis a tha e?” dh’eigh a bhean gu mì-fhoighidneach
“Tha thusa ag iarraidh ag innse dhomh agus chan eil gearan agam ga cluinntinn”
Bha sin na cuireadh gu leòr aicese.
“Uill ‘ios agad a’ graidh, thuirt a bh-pd Long gu bheil Netherfeild aig òigear aig a bheil fortan mòr bho taobh tutha Shassainn. Thuirt i gun tainig e sios air Diluain ann an carabad is ceithir eich airson an t-àite fhaicinn agus chord e ris cho mor s’ gun do rinn e aonntach le Mgr Morris sa spot agus bhidh e ann ro An Fhéill-Mìcheil agus bidh a shiabhantan ann aig cean an ath sheachdain”
“Dè an slionneadh a th’air?”
“Bingley.”
“A bheil e pòsda?”
“O chan eil gu dearbh! Duine sigailte beartach , ceithir no còig mìle ‘sa bhliadhna. Nach math sin airson air nigheanan”
“Ciamar? Ciamar a bhios sin a’ cur buaidh orra?”
“A Mhaighstir Bennet choir” fhreagar a bhean “Nach thusa a tha faoin! Femumaidh gu bheil fios agad gu bheil mi a’ smaoineachadh gum bi e a’ pòsadh tè dhiubh”
“A bheil sin as coirreach gu bheil e an seo?”
“Chan eil! Na bi gorach! ach tha deagh teans gum bi e a’ tuiteam ann an gaol le tè dhiubh agus mar sin feumaidh tu a’ dol a cheilidh air cho luatha ‘sa bhios e ann.”
“Chan eil mi a faicinn aobhair airson sin. Faodaidh tu fhein agus na caileagan a dol annm no leig na caileagan a dhol ann leotha fhein ‘s docha gum bi sin nas fheàrr, tha thu ceart cho boidheach s tha iad, dh’fhaoidte gum bi thusa a’ cordadh ris nas fheàrr na cac.”
"Tha thu a’ dèanamh slìomaireachd rium , m’ eudail. Bha agam mo chuid bòidheachd aig aon àm ach chan mi a’ leigeil orm gu bheil mi sonraichte a nis. Nuair a tha còignear nigheanan mhora aig boireanach bu choir dhi sguir a’ smaoineachadh air a boidheachd aice fhein”
“Ann an suidheachaidhean mar sin, mar is tric chan moran boidheachd aice”
“Ach a graidh, feumaidh tu a cheilidh air Mgh. Bingley nuar a ruigeas e an coimhearsnachd “
“Tha sin barrachd na tha duil agam ri deanamh”
“Ach smaoinich air do nigheanan. Smaoinich de cho math ‘s bhios sin do tè dhiubh. Bidh Sir Uilleam Lucas agus a bhean a dol air aona gnothaich, tha làn fhios agad nach bi iad a cheilidh air duine ùr sam bith. Feumaidh tu a dol no cha bhi e comasach dhuinne mur eil.”