Bhrist an latha ciuin agus fuar. Cha robh mi airson eirigh as mo leabaidh, an nead blath agam.
Bha an taigh agam nas glaine na bha e riamh deiseil airson an cat sitter agus mise air an rathad. Bha an latha air leth breagha adhar gorm gun sgòth idir. Torr nas fheàrr na an latha roimhe nuair a bha tornado ann. Tha mòran uisge air a bhith ann agus mar sin bha a h-uile sion uaine agus bha mòran flùraichean ann cuideachd. Tha an draibh eadar Crestone agus Boulder daonan nas fhaide na tha e nam cuimhne ach cha robh e dona a chionns gun robh m' athair comhla rium. Bha easan a' tighinn suas gu Boulder airson root canal. Nuair a ruig sinn Boulder dh'fhàg mi e aig oifis na fiaclair agus chaidh mi gu taigh mo charaid. As deidh beagan bruidhinn bha an t-àm ann airson m' athair a thogail. Air ar rathad dhan taigh caraid eile thachair sinn ri caraid eile nach robh mi air fhaicinn o chionn fhada. Bha e gle mhath ga fhacinn oir cha robh mi ann an touch ris. Thill mi dhan àite far an robh mi a' fuireach agus far an robh mi a' dol a theagaisg buth obrach air matamataig 's a Ghàidhlig. Bha ceathrar ann agus bha spòrs gu leòr againn. Rinn sinn cuir ris, thoir air falbh, uiread agus roinneadh agus beagan air bloighean cuideachd. Spòrs math a bh'ann agus bha e math a bhith am measg luchd labhairt na Gaidhlig eile. :) astar an turas gu ruige seo: 216.5 mìltean aireamh de duine: 7
0 Comments
Leave a Reply. |
Details
AuthorsCaroline has been involved with Gaelic for more than 18 years. She has degrees in Celtic Studies and Gaelic Medium Teaching. Archives
March 2021
Categories
All
|