Tha mi air a bhith a' dèanamh mòran Gàidhlig am mìos seo agus mar a thuirt mi an-dè tha beagan cianalas orm gun duine mu chuairt orm aig a bheil Gàidhlig.
Uill an-diugh bha mi ann an taigh-cofaidh comhla ri m'athair. Chaidh mi suas dhan bhar airson phaigheadh agus as deigh dhomh paigheadh thuirt mi "Tapadh leibh" sa Ghàidhlig ris a' bhoireannach an sin. Cha chuala i mi 's mar sin cha d'fhuair mi sùil neònach bhuaithe. Bidh mi a' bruidhinn Gàidhlig ris an cat agam agus ris a' choimpiutair (mar as tric nuair nach eil e ag obair ceart) ach chan eil comhradh math ann an sin. Tha ceist agam dhuibh. Ma tha sibh a' fuireach ann an àite far nach eil luchd labhairt na Gàidhlig ann dè ni sibh?
0 Comments
Leave a Reply. |
Details
AuthorsCaroline has been involved with Gaelic for more than 18 years. She has degrees in Celtic Studies and Gaelic Medium Teaching. Archives
March 2021
Categories
All
|