Tha mòran àiteachean ann, anns an taobh tuath an t-saogal far a bheil an t-earrach air fìor thoiseachahd mar tha. Chunnaic mi dealbh bhon t-Suain a sealtainn gu bheil an t-earrach ann an sin. Tha mi fhìn air a bhith a' feitheamh is a' coimhead air adhart ris an t-earrach fad mìosan a-nis. Bha geamhradh fada cruaidh againn an seo ann an Colorado. Bha sneachd agus fuachd ann bho Latha Buidheachas gu Latha Naoimh Pàdraig cha mhòr gun stad agus bha an teothach fo neoini gu tric. Far a bheil mi a' fuireachd tha sinn aig 8,500 troighean os chionn ìre a' mhuir mar sin chan eil an t-earrach a' tighinn cho tràth 's tha e ann an àiteachean eile. Bha mi glè thoilichte a' cluinntinn ceileireadh 'sa mhadainn a-rithist agus na flùraichean fhaicinn 'sa garradh. Tha mi an dòchas gum bi earrach math agaibh uile ge be càit a bheil sibh :)
0 Comments
Leave a Reply. |
Details
AuthorsCaroline has been involved with Gaelic for more than 18 years. She has degrees in Celtic Studies and Gaelic Medium Teaching. Archives
March 2021
Categories
All
|